VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Dìreach bhon chridhe

Proxy

Bidh iomairt ùr ag adhartachadh Gàidhlig na h-Alba agus a cultar agus traidiseanan làidir gus Innse Gall a thaisbeanadh mar cheann-uidhe do luchd-tadhail le cuideachadh bho VisitScotland.

Tha Eileanan na Gàidhlig, iomairt dhidseatach a tha air a stiùireadh le Turasachd Innse Gall agus a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus CalMac, air tabhartas de £25,000 fhaighinn tro Mhaoin Fàs VisitScotland. Bidh an duais seo a’ toirt taic do bhuidhnean turasachd nàiseanta, sgìreil agus roinneil air feadh na h-Alba gus an cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh iomairtean margaidheachd ann an com-pàirteachas.

Tha Innse Gall aig cridhe Alba na Gàidhlig, le 50-70% den choimhearsnachd ionadail a’ bruidhinn a’ chànain mar phàirt den bheatha làitheil aca ann an croitean, bàtaichean, sgoiltean agus bùithtean nan eilean.  Tha an iomairt ag amas air a’ chànan agus na traidiseanan aice a chleachdadh gus luchd-tadhail a thàladh bho air feadh na RA gus eòlas fhaighinn air tairgse cultarail nan eilean.

A’ cleachdadh Facebook, Instagram, Twitter agus YouTube, thèid sreath de bhideothan goirid a chruthachadh far am bi Calum MacIlleathain aig BBC Alba a’ dèanamh agallamhan le eileanaich sa chànan aca fhèin mu mar a tha Gàidhlig aig cridhe beatha nan eilean agus a’ sealltainn far an urrainn do luchd-tadhail blas fhaighinn den Ghàidhlig agus a cultar agus traidiseanan sna h-eileanan. Thèid na bhideothan fhilmeadh sa Ghàidhlig agus tha iad air an dealbhadh airson a bhith ruigsinneach don a h-uile duine, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail barrachd ionnsachadh mun chànan agus gus beagan abairtean feumail a thogail.

Thèid cuireadh a thoirt do luchd-buaidh nam meadhanan sòisealta gus ionnsachadh mun chànan, a traidiseanan agus na rudan rin dèanamh air feadh na sgìre. Clàraidh iad an t-àm aca sna h-eileanan le bhith a’ dèanamh susbaint tharraingeach anns a’ Ghàidhlig a bhios a’ toirt cothrom do luchd-ùidh gus barrachd ionnsachadh mun chànan agus mu Innse Gall ann an dòigh ùr-ghnàthach agus ruigsinneach.

A bharrachd air na bhideothan agus na rudan a chruthaich luchd-buaidh nam meadhanan sòisealta, thèid eLeabhar didseatach a chruthachadh anns am bi fìor dheagh shusbaint lèirsinneach agus claisneachd gus leigeil le luchd-tadhail barrachd ionnsachadh mu cheòl Gàidhlig, Clò Mòr na Hearadh, Rìoghachd meadhan-aoiseil nan Eilean, agus croitearachd. Bheir an eLeabhar mion-fhiosrachadh seachad mu na h-àiteachan air an urrainn dhaibh tadhal gus eòlas fhaighinn air traidiseanan Gàidhlig agus gus an cànan a chluinntinn, nam measg Comunn Eachdraidh Nis, aig a bheil taigh-tasgaidh agus tasglannan a tha ag innse sgeulachd cultar is cànan na sgìre.

Le bhith ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha e gum bi barrachd mothachaidh air a’ Ghàidhlig agus gun tèid a cleachdadh barrachd taobh a-staigh gnìomhachas na turasachd, tha an iomairt a’ toirt taic dhan Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig agus do Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig. 

Thuirt faisg air 70% de ghnìomhachasan a ghabh pàirt ann an co-chomhairleachadh ann an aithisg Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Ar Stòras Gàidhlig, ann an 2014 gu bheil Gàidhlig na stòras dhan ghnìomhachas aca. Thuirt an aithisg cuideachd gum faodadh luach eaconamach na Gàidhlig mar stòras do eaconamaidh na h-Alba a bhith eadar £82m agus £ 149m.

Thuirt Raibeart MacFhionghain, Àrd-oifigear Turasachd Innse Gall: “Tha an iomairt ùr brosnachail seo ag amas air feum a dhèanamh den tharraing mhòr seo gus luchd-tadhail a thoirt do dh’Innse Gall bho air feadh na RA gus am faigh iad eòlas air fìor chultar an àite.”Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Ceannardais Roinneil VisitScotland “Aig VisitScotland tha sinn airson co-obrachadh a bhrosnachadh, ùr-ghnàthachadh didseatach a stiùireadh, sgìrean agus tachartasan ionadail a chur air adhart, agus airson dèanamh cinnteach gu bheil turasachd air aithneachadh airson na buaidh adhartaich a bheir e air Alba.”Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig: 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt faic www.visitouterhebrides.co.uk/gaelic   

 

Airson fiosrachadh mu Mhaoin Fàs VisitScotland, faic www.visitscotland.org/supporting-your-business/funding/growth-fund 

Save Download

Dìreach bhon chridhe

Iomairt turasachd a’ dèanamh feum de chlach-bhunait cultar Innse Gall

Asset type post
ID 111259
Word count 1151 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags