VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo

Chaidh mapa turasachd ùr a tha a’ comharrachadh nan ceanglaichean aig Alba ri rannsachadh fànais, agus ris a’ chiad cuairt a ghabh mac an duine air a’ ghealaich, fhoillseachadh air an 50mh ceann-bliadhna de chur an àirde Apollo 11.

Tha slighe Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo mar phàirt den iomairt ùir aig VisitScotland den aon ainm agus mar phàirt de seo, chaidh BuzzBò, a’ chiad Choosmonaut Gàidhealach san t-saoghal, a chur dhan fhànas suas ri 36,000 meatair a dh’àirde le deise-fànais tartain Armstrong air.

Dh’obraich VisitScotland le Sent Into Space gus an dèideag bhog seo a chur dhan fhànas. Chaidh film dheth a’ falbh le bailiùn-aimsire bho Thùr Gilnockie, dachaigh shinnsireil Chlann Armstrong, agus e a’ laighe gu soirbheachail faisg air Cranshaws ann an Crìochan na h-Alba, fhoillseachadh an-diugh (16 Iuchar) air #Coosday.

Chaidh BuzzBò ainmeachadh le Peter Lunain, aois 7 à Dùn Bhlàthain anns a’ cho-fharpais nàiseanta Ainmich an Coosmonaut Gàidhealach aig a’ bhuidhinn turasachd nàiseanta.

Tha an t-ainm a' tighinn bho Bhuzz Aldrin, an dàrna neach a choisich air a’ ghealaich agus bhon fhacal Bò.

Bidh an Coosmonaut Gàidhealach ga thaisbeanadh aig iCentre Dhùn Èideann air a’ Mhìle Rìoghail as t-samhradh.

Tha slighe Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo a' coimhead air na ceanglaichean aig Alba ri gach planaid sa Chrios-grèine, cho math ri fiosrachadh spòrsail agus fios mu ionadan saidheans agus mu na h-àiteachan as fheàrr airson a bhith a’ coimhead air na speuran.

Bàrr-phuingean:

  • Màrs - Gleann Eilg, A’ Ghàidhealtachd: Ann an 2012, rinn am baile cèileachadh eadar e fhèin agus am feart tìre seo ann am Màrs, air a bheil Gleann Eilg cuideachd.
  • Iupatar - Loch Àirigh, Na Hearadh: Chaidh an loch seo anns na Hearadh anns na h-Eileanan Siar a chleachdadh gus Iupatar a riochdachadh anns an film 2001: A Space Odyssey, a stiùirich Stanley Kubrick ann an 1968.
  • Urànas – Bràigh Mhàrr, Siorrachd Obar Dheathain: Àite-breith Johann Von Lamont, reul-eòlaiche agus tùsaire ann an geo-mhagnaiteachd, a thomhais tomad Urànais.
  • Neiptiun - Deadard, Crìochan na h-Alba Seo an t-àite breith aig Mary Somerville, an sgrìobhaiche saidheans san 19mh linn, a bha den bheachd gur dòcha gun robh duilgheadasan le bhith ag obrachadh a-mach far an robh Urànas a’ ciallachadh gun robh planaid eile ann nach deach a lorg. Bhrosnaich seo daoine gus Neiptiun a lorg.
  • Bheunas - Parton, Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh: Àite-tiodhlacaidh an neach-fiosaigs bhon19mh linn, Seumas Clerk Maxwell. Chaidh Maxwell Montes ainmeachadh às a dhèidh, an t-aon fheart air a’ phlanaid a chaidh ainmeachadh às dèidh neach.

Tha iomairt Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo a’ Comharrachadh 50 bliadhna bho mhisean Apollo 11 agus cuairt eachdraidheil an speuradair Ameireaganaich Neil Armstrong air air uachdar na gealaich cho math ris an 50mh ceann-bliadhna aig VisitScotland.

Thathar ag ràdh gun robh Neil Armstrong, a rugadh ann an Ohio, moiteil às an dualchas Albannach aige. Tha dachaigh shinnsireil Chlann Armstrong ann an Langholm ann an Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh agus ann an 1972 chaidh inbhe a bhuileachadh air Armstrong mar a’ chiad Fhear-saor a’ bhaile - an aon neach riamh a fhuair an inbhe sin. Aig an tachartas, thuairt e gur b’ e Langholm a dachaigh.

Tha am foillsichear siubhail Lonely Planet air speuran dorcha a chomharrachadh mar treand airson 2019. Tha sgioba lèirsinn VisitScotland air pàipear rannsachaidh a chruthachadh a tha a' coimhead air na cothroman do ghnìomhachasan turasachd ann an Alba gus pàirt a ghabhail anns a’ ghluasad seo.

Tha dà Phàirc Speuran Dorcha ann an Alba, Pàirc Coille Gall-Ghàidhealaibh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh agus Tom an t-Sabhail is Gleann Lìobhait ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, cho math ri Eilean Speuran Dorcha (Eilean Cholla) agus Baile Speuran Dorcha (Mofad).

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland: “Fad 50 bliadhna, tha an obair aig VisitScotland air cuideachadh gus Alba a shuidheachadh mar àite air am 'feumar tadhal’ airson daoine air feadh an t-saoghail. Tha e gu math iomchaidh anns a’ bhliadhna shònraichte seo gum bi lèirsinn nas fharsainge againn agus mar sin, chaidh sinn dhan fhànas ann an iomairt a tha dìreach ‘a-mach às an t-saoghal seo’!

“Thug Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo cothrom dhuinn a bhith a’ coimhead air eachdraidh agus na chuir an dùthaich ri rannsachadh fànais agus reul-eòlas agus ris na ceanglaichean sinnsireil ri fear de na tachartasan as cudromaiche ann an eachdraidh.

“Tha an turas seo a’ sealltainn cuid de na rudan air leth a chòrdas ri luchd-turais agus nì seo tòrr gus àite na h-Alba ann an turasachd-astro a dhaingneachadh. Chan eil na seallaidhean as fheàrr againn uile de na cruthan-tìre fìor shònraichte a th’ againn, tha iad shuas gu h-àrd anns na speuran os ar cionn cuideachd.”

Thuirt Alex Keen, Ceannard Conaltraidh agus Speisealaich Cur-air-bhog bho Sent into Space: “Bha e na thoileachas mòr dhomh a bhith a’ cur seo air bhog aig Tùr Gilnockie. “Chan e a-mhàin gun robh e fìor mhath a bhith ag obair còmhla ri sgioba VisitScotland, ach bha an dùthaich anns an robh sinn a’ leantainn a’ bhaliùin air aon de na cruthan-tìre as àille is brèagha a chunnaic sinn riamh. Nuair a bha an Coosmonaut air ais nar làmhan, bha sinn fìor bhrònach gun robh againn ri fàgail is a dhol air ais a Shasainn.”

Chaidh Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo a chur air bhog ann am Bun-sgoil Langholm anns a’ Chèitean agus tha e air aon de shreath de ghnìomhan a rinneadh am-bliadhna gus an 50mh ceann-bliadhna aig VisitScotland a chomharrachadh. Chaidh Achd Leasachaidh na Turasachd a chur an gnìomh ann an 1969 - an aon bhliadhna ris an laighe air a’ Ghealaich - agus chaidh Bòrd Turasachd oifigeil na h-Alba a stèidheachadh le maoineachadh bhon riaghaltas.

B’ iad Neil Armstrong, Buzz Aldrin agus Michael Collins an criutha de thriùir air misean NASA a dh’fhalbh air 16 Iuchar 1969 airson laighe air uachdar na Gealaich. Laigh Armstrong agus Aldrin air uachdar na gealaich air 20 Iuchar 1969.

Airson barrachd fiosrachaidh mun iomairt agus gus barrachd ionnsachadh mu thuras BuzzBò dhan fhànas, faic visitscotland.com/out-of-this-world

Airson barrachd fios mu Thurasachd-astro agus nan speuran dorcha, faic https://www.visitscotland.org/research-insights/about-our-visitors/interests-activities/outdoor-activities

Save Download

Tha Alba a-mach às an t-saoghal seo

Tha VisitScotland air mapa ùr fhoillseachadh co-cheangailte ri fànas cho math ri film de thuras Coosmonaut Gàidhealach dhan fhànas

Asset type post
ID 111195
Word count 1197 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags