Bò Ghàidhealmonaut ga cur air bhog!
Thèid a’ chiad Bhò Ghàidhealmonaut a chur dhan ‘fhànas fhaisg’ mar phàirt de dh’iomairt turasachd a chaidh fhoillseachadh an-diugh (Dimàirt, 28mh Cèitean) le VisitScotland, gus an ceangal aig Alba ris a’ chiad choiseachd air a’ ghealaich a chomharrachadh.
Tha cuireadh air a thoirt do chloinn bho air feadh Alba a tha aois bun-sgoile, le buidheann nàiseanta na turasachd, gus ainm a chur air an dèideag chudalaich de bhò Ghàidhealach a thèid a chur 40,000 meatair dhan àile ’s i air a còmhdach le èideadh-fànais tartain Chloinn Armstrong.
Comharraichidh iomairt Scotland is Out of this World an 50mh ceann-bliadhna de dh’iomairt Apollo 11 agus coiseachd an astronaut Aimeireaganaich Niall Armstrong air uachdar na gealaich, cho math ri 50mh ceann-bliadhna de VisitScotland.
Bha e air a ràdh gun robh Niall Armstrong, a rugadh ann an Ohio, moiteil às a dhualchas Albannach. Tha seann dachaigh Chlann Armstrong ann an Langaim ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh agus ann an 1972 b’ esan a’ chiad, agus an t-aonan, le Saorsa a’ Bhaile.
Air dha an t-urram a ghabhail, thuirt Armstrong ris an t-sluagh a bha air cruinneachadh: “Thathar ag ràdh gur ann sa bhaile agad fhèin as duilghe cliù fhaighinn. Agus tha mise a’ gabhail ris an àite seo, a-nis, mar mo bhaile.”
Tha Scotland is Out of this World am measg sreath de thachartasan a chaidh a chrutachadh am-bliadhna gus 50mh ceann-bliadhna VisitScotland a chomharrachadh. Thàinig Achd Leasachadh Turasachd gu bith ann an 1969 – an aon bhliadhna ’s a chaidh coiseachd air a’ ghealaich – agus chaidh Bòrd Turasachd na h-Alba oifigeil a stèidheachadh le maoineachadh bhon riaghaltas.
Chaidh an iomairt turasachd a chur air bhonn an-diugh aig Bunsgoil Langaim. Anns na ceithir seachdainean a tha ri thighinn faodaidh am poball sealltainn mar a tha a’ dol dhan ullachadh aig a’ Bhò Ghàidhealmonaut ann an sreath fhilmichean air na meadhanan sòisealta le bhith a’ cleachdadh #Coosmonaut Bidh an iomairt a’ sgrùdadh ceangal na h-Alba le sgrùdadh fànas, ùr-ghnàthachadh agus reul-eòlas agus tha slighe luchd-tadhail san amharc air na ceanglaichean sin.
Tha VisitScotland air tighinn còmhla ri Sent Into Space gus dèideag de Bhò Ghàidhealach a chur dhan adhar ceangailte ri balùn sìde – le dealbhan dhen turas air an sgaoileadh ann an àm airson coiseachd na gealaich a chomharrachadh.
Chaidh èideadh-fànais na Bò Ghàidhealmonaut a dhealbhadh gu sònraichte le Vintage Bunting ann an Crìochan na h-Alba, a’ cleachdadh tartan Clann Armstrong a chaidh a thoirt le Lochcarron of Scotland.
B’ iad Niall Armstrong, Buzz Aldrin agus Mìcheal Collins an triùir a bha ann an iomairt NASA a dh’fhàg air 16 Iuchar 1969, gus laighe air uachdar na gealaich. Air 20 Iuchar 1969, chuir Armstrong agus Aldrin cas air uachdar na gealaich.
Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland: “Fad 50 bliadhna tha VisitScotland air cuideachadh gus Alba a shuidheachadh mar àite air am feumar tadhal, a’ dèanamh seo do dhaoine air feadh an t-saoghail, ach dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil an iomairt seo ‘bho shaoghal eile’.
“Tha buaidh na turasachd a’ dol nas fhaide na dìreach saor-làithean. Tha e deatamach do dh’eaconomaidh na h-Alba, a’ ruigsinn gach ceàrnaidh dhen dùthaich, a’ cruthachadh obraichean, teachd-a-steach agus atharrachadh sòisealta.
“Tha iomairt Scotland is Out of this World na chothrom a dhol dhan àm a dh’fhalbh gus ceanglaichean na dùthcha ri fear dhe na tachartasan as sònraichte ann an eachdraidh a chomharrachadh, cho math ri bhith a’ sgrùdadh nan ùr-ghnàthachaidhean agus nan rudan a tha a’ tarraing luchd-amhairc a tha air am beò-ghlacadh le adhar na h-oidhche.”
Thuirt Karen Vidler, Iar-cheannard eadar-amail air Bunsgoil Langaim: “Tha sinn air ar dòigh taic a chur ris an iomairt spreòdach seo bho VisitScotland a chomharraicheas an ceangal ainmeil aig a’ bhaile ri Niall Armstrong anns a’ bhliadhna shònraichte seo.
“Tha an fharpais gus a’ Bhò Ghàidhealach a thèid suas dhan àile ainmeachadh air leth math gus ùidh na cloinne a thogail anns an iomairt agus gus lasair a thoirt dhaibh a thaobh ar n-eachdraidh agus ar sinnsirean. Tha fhios agam gu bheil a’ chlann air bhioran gus faighinn a-mach dè an t-ainm a bhios air an dèideag chudalaich agus tha sinn a’ dèanamh fiughar gus faicinn na bhios i a’ dèanamh anns na seachdainean a tha romhainn.”
Thuirt Iain Màrtainn, Manaidsear Pròiseact aig Tur Ghilnockie: “Chaidh Tùr Ghilnockie, seann dachaigh Chlann Armstrong, fhosgladh an-uiridh agus tha e air luchd-tadhail a thàladh bho air feadh an t-saoghail le ùidh aca ann a bhith a’ lorg am freamhan teaghlaich agus an eachdraidh. Cho math ri bhith a’ comharrachadh 50mh ceann-bliadhna bho chaidh seasamh air a’ ghealaich, tha sinn cuideachd a’ comharrachadh 500mh ceann-bliadhna bho thogadh Tùr Ghilnockie – bliadhna shònraichte gu dearbh do Langaim agus na ceangalaichean ainmeil againn ris an Armstrong as ainmeile dhiubh air fad – Niall Armstrong.”
Tha am foillsichear iùlan-siubhail, Lonely Planet, air adhar dorcha a chomharrachadh mar ghluasad turasachd airson 2019. Tha sgioba Insight VisitScotland air pàipear rannsachaidh a chruthachadh a tha a’ sgrùdadh nan cothroman do ghnothachasan turasachd ann an Alba a dhol an sàs leis a’ ghluasad seo.
Tha Pàirc Coille Ghall-Ghàidhealaibh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh agus Tom an t-Sabhail agus Gleann Lìobhait ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air dhà dhen 15 Pàirc Adhar Dorcha Eadar-nàiseanta san Roinn Eòrpa. Tha e a’ ciallachadh gur iad cuid dhe na h-àiteachan as fheàrr air Talamh gus an t-adhar a sgrùdadh rè na h-oidhche. B’ e Eilean Cholla a’ chiad “Eilean Adhar Dorcha” agus b’ e Am Magh Fada ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh a’ Chiad “Baile Adhar Dorcha”
Tha Buidheann Adhar-Dorcha Eadar-nàiseanta a bhios a’ comharrachadh Pàircean Eadar-nàiseanta Adhar Dorcha ga mhìneachadh mar “talamh aig a bheil sàr chàileachd a thaobh oidhcheannan reultach agus àrainneachd oidhche a tha air a dìon gu sònraichte air adhbharan saidheans, nàdair, foghlaim, dualchas cultarail, agus/no càileachd an t-sluaigh”.
Ruithidh co-fharpais Ainmich a’ Bhò Ghàidhealmonaut gu 23:59 air Didòmhnaich, 16 Ògmhios 2019. Gus barrachd air an iomairt agus gus cur a-steach airson na farpais, theirig gu visitscotland.com/out-of-this-world
Gus pàipear Insight air Adhar Dorcha agus Astro-Turasachd a luchdadh, theirig gu https://www.visitscotland.org/research-insights/about-our-visitors/interests-activities/outdoor-activities
AN DEIREADH